Chengdu

Bha mi ann an Sìona a-rithist, ann am baile an e an t-ainm Chengdu a th’ ann.
Bha an dàrna turas a bha mi ann an Sìona. Chunnaic mi Shanghai, Beijing, agus Chengdu. Tha gach baile eadar-dhealaichte eatarra.
’S e am baile mòr agus trang ann ach tha e beagan nas sèimhe cuideachd. ‘S e baile cudromach agus àite an riaghaltas a th’ ann am Beijing am feadh port trang agus baile na cruinne a th’ ann an Shanghai. Tha Chengdu diofaraichte gu dearbh. ‘S e baile as motha den roinn Sichuan, no Sechuan, a th’ ann. Tha “Baile Iar” air.
Tha mòran duine air rothair no rothar-ola no rudeigin a bheil draibheadh ri faicinn. Bidh càraichean ann gu leòr cuideachd. ‘S ann mu thimcheall dà deug millean duine a tha iad a’ fuireach anns a’ bhaile, ’s dòcha! Chan eil fhios aig duine le cinnt.
B’ fheàrr leam am baile Shanghai ach b’ fheàrr leam a bhith ag ithe biadh Chengdu. Tha am biadh Sichuan coltach ris a faigh thu anns a’ dhùthcha agad.
Gu mì-fhortanach, tha milleadh an adhair uabhasach mòr ann! Chan faic thu a’ ghrèin idir, mura h-eil thu an taobh a-muigh a’ bhaile. Bidh do shùilean a’ losgadh!
Dh’ionnsaich mi rudan ùra, agus saoilidh mi gu bheil seann fhiosrachadh aig Sìonach, mar sin a bha aig na Gàidheil. ‘S fiù dh’ innse mo sheanmhair dhomh mu chuspairean inntinneach a bha iad coltach ris an cuala mi bhon sgeulachdan às a’ Ghàidhealtachd.
Mar eisimpleir, ‘s e an t-àite as motha a phòsadh a bheil dà abhainn a’ ceangail ri chèile.
Bha mi ann am pàirc cuideachd, a bheil panda agus panda dearg a’ fuireach. Tha iad a’ feuchainn ri cumail nam beathaichean oir tha iad an cunnart.
Bha mi glè thoilichte a bhith an sheo, ach, feumaidh mi a ràdh, bha mi glè thoilichte a bhith aig an taigh air ais a-rithist.