Abair sgudal!

Bha an sgudal mòr ann anns an taigh againn an latha roimhe. Chaidh an t-amar sgudail làn. Chan eil mi cinnteach ciamar a chanas tu “septic tank” sa Ghàidhlig ach bha e làn a dh’aindeoin.
Air sgàth gu robh amar làn, thig an t-uisge sgudail suas agus a-steach anns an ùrlar iosal. Phrrr. Bha am brath ùrlar air a mhilleadh agus stuth eile.
Smaoinichibh air a’ bholadh! Ach chan eil mi airson talach air. Bha againn ri daoine glanadh fhaighinn. Mo chreach. Bha iad cho daor, ach bu chòir dhomh a ràdh, bha e nas daoire brath ùrlar ùr a cheannach.
Cha robh mi air mo dhòigh idir.

Barailean: 2

Sgrìobh Blogger tearlach61...

Abair samh! Abair sgrios! Mas math mo chuimhne, 's e amar-sitig am facal a tha thu ag iarraidh.

Beagan bliadhnaichean air ais, bha bacadh anns na pìoban caic anns a'flat againn (chan eil fhios 'am ciamar a chanas tu 'sewer') thàinig a h-uile càil suas. 'S cha robh mi air mo dhòigh idir.

1:40 PM  
Sgrìobh Blogger Unknown...

Eilidh choir,

Tha mi a sgrìobhadh air leth am film ùr Gàidhlig, Seachd – The Inaccessible Pinnacle, agus mi an dòchas gun fhaod cuideachadh a thoirt dhuinn le a bhi ag innse beagan mu dheidhinn dhan an t-saoghal. Tha blogs gu math cudromach agus cumhachdach san latha an diugh agus bhithinn gu math taingeil ma bha àm agaibh sgrìobhadh mu dheidhinn am film.
Tha an làrach-lìn againn ri fhaighinn aig http://www.seachd.com/index_gaelic.html agus thèid an còd airson ceangal a’ dhèanamh a’ lorg aig http://www.seachd.com/index_links.html
Gheibhear cuideachd brataich Seachd aig http://www.seachd.com/pages/links_banners.html.
Tha fios airson na meadhanan ri lorg aig http://www.seachd.com/index_press_kit.html agus ann an crutha flash aig http://www.seachd.com/index_presskit_flash.html.
Tha sinn cuideachd ri lorg air myspace aig www.myspace.com/seachd agus tha sin an dòchas coimhearsnachd bheag a steidheachadh an sin. Tha sin gu math toilichte gu bheil, mar tha, cha mhòr 6000 caraidean againn.
Chaidh am film a shealltainn aig Feis Filmichean Cannes am bliadhna, far an deach innse gum bi e a-mach ann an taighean-deilbh sam Foghar as dèidh cùmhnant a’ dhèanamh leis a chompanaidh Soda Pictures. ‘S e fìor deagh naidheachd a tha seo airson film beag ann an Gàidhlig na h-Alba a chaidh filmadh anns an t-Eilean Sgitheanach, ach tha an t-uamhas cuideachadh a dhith oirnn fhathast airson innse dhan t-saoghal mu dheidhinn. Leig fios thugam ma tha cail sam bith eile a dhith ort.

Leis gach deagh dhùrachd,

Chris
Chrisn[remove]gillies@gmail.com

1:26 PM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh