An domhan

Uaireannan, feumar eòlas ùmhlachadh fhaiginn ma a bhios rudan a’ fàs cho uabhasach cudromach. Saoilidh sinn gu tionndaidheadh an saoghal umainn.
Fhuair mi na dealbhan shìos. Tha iad a' taisbeadh agus a' toirt air ar beachdachadh dè cudromach a tha sinn fìor.














































Is e a còigeamh reul deug as soilleire anns na speuran a th’ ann an Antares. Tha e a’ fuireach barrachd air mìle solas-bhliadhna air falbh.

Barailean: 3

Sgrìobh Blogger Steaphan MacRisnidh...

Halo Eilidh.

Deagh dhealbhan a tha siud! Ma bhios ùidh agad ann an reuladaireachd, mholainn-sa an leabhar “Muir is Tir” airson faclan is abairtean Gàidhlig air a` chuspair sin. Tha co-dhiù caipideal ann le briathrachas mu na planaidean agus mu na reul-ghrigleanan m.s.a. Gheibhear bho Chomhairle nan Leabhraichean e….Chan eil tuilleadh is a chòir ann ach, tha gu leòr.

6:26 AM  
Sgrìobh Blogger Helena Gowan...

Tapadh leat! Gheibh mi an leabhar seo. Chan eil e furasta faclair sònraichte fhaighinn. :)

8:59 AM  
Sgrìobh Blogger Steaphan MacRisnidh...

Bi faiceallach cia-tà! Chan eil mòran briathrachas mu na planaidean, dìreach rud beag. Ach ma thèid thu gu làrach a` BhBC tha tòrr a bharrachd ann.

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/foghlam/notaichean_tidseir/2006/an_crios_greine.pdf

11:55 AM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh