A’ Chuairt ghoirid

‘S àbhaist domh a bhith a’ siubhal gu tric agus fad air falbh. Bhithinn a dhol dhan àite chèin an siud agus bhithinn fuireach an sin latha neo dà no seachdain gu bhith. Cha do thachair sin an uair seo. Dh’fhalbh mi dachaidh an oidhche Chiadain seachdain sa chaidh agus ruigidh mi sa mhadainn Diardaoin. Chaidh mi a Frankfurt airson cho-labhairt mu chuspairean àrainneachd. Bha co-labhairt inntinneach agus feumail. Dh’fhàg mi e nas anmoiche an fheasgar a dhol a thadhail air mo mhàthair far a bheil i a’ fuireach ann an Coburg, Babharia. Dhràibh mi ceithir uairean gu leth oir bha cus trafaig agus grunn stopadh trafaig ann. O chionn greis bha e math is spòrsail a dhraibheadh air an “autobahn” ach chan eil an diugh. Bha an oidhche ann mu tràth nuair an do ràinig mi thall. An ath latha, bha Dihaoine ann mar tha. Thadhail mi air mo mhàthair ach nach urrainn dhi m’ aithneachadh. Bha bròn orm ach tha mi eòlach air a’ thinneas a bheil oirre. Bha mi ro sgìth air sgàth gum bithinn draibheadh air ais mar sin thoirt mi trèana. Bha mi air ais an Frankfurt oidhche Haoine. Dh’èirich mi tràth san ath mhadainn agus chaidh mi a dh’ Alba. Thug mi an trèana bho Ghlaschu gun a' Ghearasdan. Às dèidh ceithir uaireannan ràinig mi aig a' Ghearasdan far an do choinneach mi ris an caraid math dhomh. Bha an iongnadh orm gu robh an t-sìde brèagha ann. An dèidh thadhail sinn ri caraidean eile. Abair spòrs a bha againn! Uill, agus grunn deoch.
Gu mì-fhortanach b’ fheudar dhomh tilleadh a Ghlaschu an ath latha. Bha an t-uisge ann cuideachd ach chòrd latha rium glan co-dhiù. Ràinig mi ann a’ Ghlaschu an oidhche Doimhnich. ‘S a mhadainn Diluain fhuair mi air plèana eile a toir mi dhan Philadelphia agus an dèidh gu Corning, New York far a bhios an co-labhairt eile mu chuspair àrainneachd a’ tachairt. Fhuair mi a’ chnatan cuideachd agus tha mi a’ faireachdainn grod. Bidh mi a’ dol dachaidh an oidhche Chiadain a-rithist agus tha mi an dòchas gum bi mi a’ faireachdainn nas fheàrr.
Fon àm sin, bidh mi air a bhith dà latha anns a’ Ghearmailt, dà latha ann an Alba, agus dà latha ann an New York. ‘S e an àigh de shiubhail a th’ ann, nach e?