Dè nam b'urrainn dhut...

Nam bithinn a’ dol a dhèanamh dìnnear do chòignear agus gum faodainn duine sam bith a thoirt ann seo an fheadhainn a bu toil leam faicinn a’ suidhe aig bòrd còmhla, gus am biodh deagh chòmhradh ann. Cò a bhithinn fiathachadh a thoirt?
Thugainn fiathachadh do Rìgh Seumas VII agus Rìgh Uilleam III. Dh’innseadh iad dhomh dè a bha iad a’ smaointinn nuair a bha “Reabhlaid Ghlòrmhor” ann. Carson a bha Rìgh Seumas deiseil a thoir thairis cho luaithe mar eisimplir? Biodh e snog nam biodh Sir Eòghainn Camshron Lochiel ann cuideachd. Thug Rìgh Seumas “Rìgh den mèirlich” mar ainm air. Bhathar ag ràdh gum bu toil leis an rìgh e. Nuair a rinn Seumas (cha robh e na rìgh fhathast) ridire dheth, dh’iarr Eòghainn air Seumas a chlaidheamh fhèin a chleachdadh, ach cha b’ urrainn do Sheumas claidheamh a dhragh às an truaill. “Seall, cha thugadh a chlaidheamh gèill ach Eòghainn,” dh’èigh Seumas. Uill, tha mi an dùil gum biodh còmhradh math ann eadar Seumas agus Eòghainn. Ach dè mu dheidhinn Rìgh Uilleam?
Bhithinn airson bruidhinn ri daoine eile. ‘s dòcha gum bu chòir dhomh fiathachadh a thoirt do Maighistir Dalrymple. Tha fhios agad, dh’òrdaich e Alasdair Mac Iain a mharbhadh. Fhuair Alasdair agus deich duine ar fhichead bàs. Uill, ‘s dòcha nach eil deagh bheachd ann.
Cò eile? Bhiodh e inntinneach bruidhinn ri Hugh MacAoidh. Bha e na cheann-airm agus rinn e sàbaid airson Rìgh Uilleam. Agus thog e An Gearasdan. Cha toil le Eòghainn sealltainn air a Ghearasdan idir. Ghluais e. Bhathar ag ràdh gum b’ ann glè shnog a bha an taigh aig Eachann.
Ah. Feumaidh mi fiathachadh a thoirt do chuideigin eile. Dè mu dheidhinn Eòin Dubh ? Chan eil fios agad cò bha Eòin Dubh? Uill, b’ e mo churaidh a bh’ ann anns an leabhar a sgrìobh mi. B’ e an t-ainm Eòin Dubh Mac Theàrlach Mac Sheumais Ic Ill’ Eathain a bh’ air – ach cha robh e eòlach air buileach.
So, bhithinn èisteachd ri còmhradh gus mòran eachdraidh ionnsachadh. Nam biodh iad a bhith modhail. Dè a shaoileadh tu?