Ouch!

Leòn mi mo chas no feumaidh mi ràdh gun do leòn mi m' òrdag mhòr. Chan robh cuimhne agam ciamar a thachairt e. Cha robh an deoch orm!
Oidhche Luain, chluich mi le mo chù. Rinn sinn ‘agility’ agus tha e còrdadh rinn glan a bhith a ruith agus a cluich còmhla ri chèile. Chaidh sinn aig an àite far am bi na cnapan-starra agus clàs “agility” ann. Ruith mi le mo chù, ‘s e an t-ainm Cody a th’air, ri a thaobh. Ruith e suas air an cnaip-starra “Board walk” (coiseachd dèile) a tha dèile na laighe air na seasamhan. Ruith mi dlùth ris airson ‘s nach bu chòir dha ruith ro luath. Chan fhaca mi seasamh agus thuit mi sìos còmhnard air m’ aghaidh. Chan urrain dhomh a bhith a ruith an dèidh idir.
Bha agam ri dol ann an siubhal eile agus chaidh mi dachaidh a-raoir. Dh’fhòn mi gu h-oifis dotair ‘s a’ mhadainn agus d’fhuair mi coinneamh am feasgar. Tha mi an dòchas nach eil m' òrdag briste.

Chan eil mi air mo dhòigh!

Barailean: 2

Sgrìobh Anonymous Anonymous...

'S bochd sin Eidlidh, gabh air do shocair a charaid.

7:42 AM  
Sgrìobh Blogger GunChleoc...

Tha mi an dòchas gum bi thu nas fhèarr a dh'aithghearr, a charaid!

3:21 AM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh