So, sgrìobh mi leabhar...

Sgrìobh, rinn mi e. Ri taobh stuth eile, tha agam ri dèanamh, sgrìobh mi leabhar. Cha do sgrìobh... tha mi ga sgrìobhadh fhathast. Sgrìobhadh agus sgrìobadh a-rithist agus a-rithist... dàn sgrìobhadair.

‘S e sgeulachdan eile a th’ anns mo cheann ach bu chòir dhomh a chur crìoch, nach bu chòir?

Sia bliadhna air ais, lorg mi mo ghaoil a sgrìobhadh a-rithist. An toiseachd chluich mi gabhail riochd mar sin ann an taigh chluiche. Dh’ionnsaich mi sgeul a sgèith agus còmhradh a sgrìobhadh. Mòran còmhradh. Bha an gabhail riochd air a sgèith mar sin clò. Beagan tuairisgeul, mòran còmhradh. Chluich mi leis na charaidean agam. Chluich a h-uile duine pàirt ‘is caractar diofraichte. Bha sin glè mhath! Ach, bha an spòrs an dàn dha tighinn gu crìch.

Chluich sinn ann an saoghal Harry Potter. Cha do chòrd e rium “canon” caractaran a chluiche, ‘s fheàrr leam caractaran ùra a dhèanamh. Chan eil mi a’ bruidhinn a’ Bheurla bho thùs. Rinn sin fiù ‘s tha an cluiche nas doirbhe. B’ e cur-seachad as fheàrr a th’ ann an gabhail riochd, shaoil mi, ach ghluais an cuibhle mhòr air aghaidh.

Anns a’ bliadhna 2004, thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh agus choinnich mi boireannach snog agus laghach agus chluich sinn an gabhail riochd eile còmhla ri chèile. Bha sinn ann an saoghal Darkovan. B’ ann diofraichte a bh’ ann. Bha mòran tuairisgeul ann agus beagan còmhradh. Chan do chòrd Darkovan rium ach beagan ach chòrd e rium tuairisgeul a sgrìobhadh. Tha mi an dòchas gun do dh’ionnsaich mi beagan.

Ach thig crìch thuige cuideachd. Ghluais an caraid agam do bhidio geamannan – chaidh ise às an t-sealladh. Bha mi nam aonar agus sgeul anns mo cheann. Bha sin an tòiseachadh...

Innsidh mi mòran an dèidh.

Barailean: 1

Sgrìobh Blogger GunChleoc...

Guma math a thèid leat leis an leabhar!

6:54 AM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh