Guthan

‘S toil leam a bhith ag èisteachd ri guth fir. Chan eil mi eòlach air, cha do choinnich mi air ach tha mi eòlach air a ghuth.
Bha mi ag èisteachd ris a ghuth gach seachdain agus bha mi air mo dhòigh. ‘S ann laghach is ciùin, treun is fois-inntinneach a th’ anns a’ ghuth, uaireannan spòrs, fealla-dhà, no fearg a bharrachd air. ‘S toil leis gàire a dhèanamh.
Chan eil mi eòlach air an fhear fhèin agus saoilidh mi gu bheil sin nas fheàrr. ‘S dòcha.

Tha mi eòlach air duine eile. ’S e a ghuth às sgoinneil agus às fheàrr. Tha an guth domhainn is ath-fhuaimneach aige. ‘S toil leam a chluinntinn ach cha toil leam am fear fhèin. Chan e fear às sgoinneil agus às fheàrr a th’ ann. Chan eil esan àrd agus eireachdail ach àrdanach agus tàireil gu bhith.

Nach eil sin èibhinn? Uaireannan tha sinn comasach air èisteachd guthan sgoinneil agus laghach ach chan eil duine mar sin idir.

Tha cuimhne agam air an sgeul snog an do dh’èist mi ris o chionn fhada. Thuit an duine na ghaoil air a’ ghuth boireannaich a bha na neach-freagairt fòn. Bha e a’ feuchainn ri a coinneachadh ach cha robh ise ga iarraidh. An dèidh ùine fhada dh’ aontaich ise agus choinnich iad ann an taigh-bidhe. Bha ise snog agus laghach ach chan eil a guth cho brèagha. Thuit e na ghaoil agus ise na gaoil a dh'aindeoin. On àm sin, bha iad airson a bhith còmhla ri chèile. An dèidh, choinnich e a màthair agus bha a ghuth cho brèagha agus laghach. Thuirt a màthair gu robh e a’ bruidhinn rithe air an fhòn. ‘S toil leatha e ach chan urrainn dhi a choinneachadh. Dh’ fhaighnich i de a nighean a dhol an àite aice, agus bha a h-uile duine air an dòigh gu leòr.

Nach buidhe dhuibh!

Barailean: 1

Sgrìobh Blogger Steafan MacRisnidh...

Sgeulachd èibhinn a bha siud, Eilidh! Agus iongantach!

1:32 AM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh