An e cànan cudromach a th’ anns a’ Ghàidhlig?

Tha mi a’ smaointinn nach e. Tha an cànan cho cudromach ris a’ chànan eile. Ach feumaidh mi ràdh nach eil i furasta nas motha. Dè nì an cànan cudromach no furasta? ‘S dòcha gu bheil an gràmar ga dhèanamh. Chan eil mi cinnteach gu bheil an gràmar ann a bheil furasta a mìneachadh. Carson a chanas mi “feumaidh mi tì òl” agus nach canaidh “Feumaidh mi tì a dh’òl” ma bhios “infinitive” ann? Chan eil mi ga thuigsinn. ‘S urrainn dhomh a ionnsachadh ach chan eil mi ga thuigsinn carson.

Ma bhios tu òg nach feum agad gràmar ionnsachadh. An uairsin, bidh thu ag ionnsachadh na gràmair – tha mi an dòchas – a chum ’s gu bheil an cànan a’ fàs nas fheàrr. Ma bhios tu aosta, bidh am feum mòr agad air a’ ghràmar. Tha an gràmar gad nochd ciamar a bhios an cànan aig obair. Chan eil e math airson canan nach bi gràmar math ann.

Seo mo bheachd. Dè ur beachd?

Barailean: 1

Sgrìobh Blogger GunChleoc...

Tha mi a' tuigsinn na tha an duilgheadas agad. Creididh mise gur e an Laideann a th' ann aon de na adhbharan air a shon. Tha sinn cleachdte ri gràmar a thuigsinn ann an dòigh a tha e ag obair anns an Laideann. Agus tha sinn cleachdte a bhith ag ionnsachadh cànan sam bith ann an dòigh Laidinn. Chan eil gràmar na Gàidhlig ag obair ann an dòigh seo co-dhiù, agus o chionn sin 's gum bi e nas doirbhe dhuinn ri ionnsachadh. Tha dòigh ùr agus eadar-dhealaichte air mìneachadh ciamar a tha a' chànan ag obair a dhìth oirnn, ann an cainnt furasta ri tuigsinn. Seo am beachd agamsa.

3:11 AM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh