Sammy, mo chù laghach agus diùid

Diana agus Sammy, 2006

B’ fhaodar dhomh mo sheann chù eile a mharbhadh. B’ e “Sammy” a bh’ air. Bha e trì bliadhna deug gu leth a dh’ aois. Fhuair mi Sammy nuair a bha mi anns na Stàitean Aonaichte a chiad thuras, an latha Bliadhna Ùire 1994. B’ e cuilean a bh’ ann fhathast, ‘s math a dh’fhaoidte nach robh e ach sia mìosan a dh’aois agus 's dòcha gun do rugadh e anns an fhàsach. Bha e glè thana ach nach urrainn dhut sin fhaicinn oir bha bian aige tiugh agus àrd, dubh is beagan geall. Bha e coltach ris b’ e “Border collie” agus beagan cuid de “Husky” a bh’ ann, leis a' bhroilleach gheall agus bha na cluasan dubha aige nan seasamh – “cluasan biorach”. Bha ceann nan earbaill dhuibh aige geall, mar a bhiodh an lòchran air. Bha na sùilean aige dorcha is deàlradh mar neamhnaidean dhubha. B' esan an cù a bu diùide a bh' ann de na coin agam. B’ ann ciùin mar an loch domhainn gun ghaoith a bh’ ann.
Bha an gaol aige air Diana, “a bhean”. Bhàsaich ise sia mìosan air ais oir bha aillse na sròin oirre oir bha againn ri a marbhadh. B’ e an latha glè bhrònach a bh’ ann! Phòg e a cluas an turas bho dheireadh mus a dh’adhlaic sinn ise. ‘S àbhaist do na coin spèis a thaisbeanadh nuair a bhios iad a’ imrich na cluaise a chèile. Bha tinneas nan alt air o chionn iomad bliadhna. Dh’fheuch mi a chuideachadh ach cha robh mòran rud air a chuideachadh gu fìor. A thoirt air na cuspairean nas lugha, bha “allergies” air a bharrachd. Cha robh fhios againn carson a-riamh! Thoirt gach tinneas air a fhèin a chagnadh air a chasan ‘s spògan, an tòiseach dìreach an Fhoghar nuair a bha an t-sìde fuar agus tais, an uairsin fad na h-ùine. Ach bha e ceart gu leòr gus an do bhàsaich Diana. Dà sheachdain sa chaidh bha agam ris chur na chadal. Cha bu toil leis ithe idir, cha b’ urrainn dha coiseachd fada, air an adhbhar sin bha agam ris a ghiùlan gu tric. Dh’fhàs e anfhann nach b’ e cù sona is toilichte a bh’ ann. Tha fios agam gu robh e as fheàrr am bu chòir dhomh dèanamh air a shon, ach tha e gam leòn fhathast. Chaill mi dà charaid am bliadhna, saoilidh mi gu bheil fòghnaidh na dh' fhòghnas!

Barailean: 2

Sgrìobh Blogger Graisg...

Eilidh, obh, tha fhios agam ciamar a tha thu a' faraichdainn. Tha sin uabhasach, cùm ort a charaid, cùm ort.

1:50 PM  
Sgrìobh Blogger Anndra Cook-Jolicoeur...

Tha mi uabhasach duilich a chluinntinn...

Anndra

6:10 PM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh