An Nathair Dhubh

Tha e coltach ris a bhith nathraichean diofaraichte ann anns na Stàitean Aoinichte mar anns a Ròin Europa. Chan e eòlaich nathrach a th’ annam idir ach tha mi eòlach air nathraichean am bi iad a' fuireach anns a’ Ghearmailt agus nach bi iad a’ fuireach anns na Stàitean Aoinichte agus cùlaibh air beulaibh. Chan eil fhios agam dè na h-ainmean a th’ orra anns a’ Ghàidhlig.
Tha mi eòlach air nathair-nimhe anns a’ Ghearmailt. 'S e “common viper” neo “crossed viper” a th’ oirre. Bhìd nathair-nimhe dà coin agam, gach cù ann an trì seachdainean a’ thìde. Bha iad glè thinn ach fhàs slàn a-rithist leis a’ choibhear le cortisone agus anti-histamine.

common viper




Anns na Stàitean Aoinichte bidh nathair-nimhe diofaraichte ann. ‘S e “copperhead” a th’ oirre. Tha nimhe aice coltach ris an nimhe aig “crossed viper”. Mar às àbhaist cha bhi an nimh nathrach nimhe a’ marbhadh daoine ach bidh am bìd aice glè chràiteach.






.....................................................................................Copperhead

An Disathairne sa chaidh dh’obraich mi aig an t-sabhal agam agus faing na h-eich. Dhragh mi bataichean, cabar is sgudail eile a-mach às an fhaing. Gu h-obann chunnaic mi earball nathrach dhuibh. Bha i na cadal fon chabair. Thug mi clisgeadh agus thoirt mi sùil oirre. Tha fios agam nach eil nathair dhubh nimheil ann ach cha robh mi cinnteach. Bha a soc geal. An uair sin dh’ àithneach mi i, bha i “nathair radan dhubh ”, “Black rat snake”. Bidh nathair radan dhubh a' tachdadh an ìobairtich aice. Cha robh fhios agam dè dhèanadh mi. Cha b’ urrainn dhomh a fàgail an sin agus cha robh i airson fàgail a fhèin nas motha. Dh’fheuch mi maidse a chleachdadh ach cha deach agam air. Ceart ma thà, shaoil mi. Chaidh mi miotagan fhaighinn agus chuir mi iad air mo làmhan, an uairsin rinn mi grèim air amhaich na nathrach agus ghualain mi i a-mach às an fhaing. Bha i glè mhòr timcheall air ceithir troighean gu leth!

Black Rat Snake






Thog mi dealbhan bho ceanglaichean an seo: http://www.fcps.edu/StratfordLandingES/Ecology/mpages/black_rat_snake.htm
http://www.snakesandfrogs.com/scra/snakes/copperh.htm
http://www.bbc.co.uk/nature/wildfacts/factfiles/279.shtml



Barailean: 1

Sgrìobh Blogger Graisg...

A nathair,
a-mach às mo làthair! :-)

8:23 AM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh