Mo chù, Diana

Rugadh Diana naoi deicheamh den t-Òg-mhìos, mìle naoi ceud ceithir fichead 's a h-aon deug, ann am Babharia, Gearmailt. Bha i “Bayrischer Gebirgsschweisshund” ('S e Bavarian Mountain Hound anns a'Bheurla) a bh' innte.
Bidh na coin sin a’ cleachdadh air son sealg. Ma loisgeadh sealgair aig fiadh is nach biodh fiadh air a mharbhadh gun dàil, ruitheadh fiadh air falbh agus biodh an cràdh mòr air.
Tha aig na coin seo ri faighinn fiadh leònte. Tha an t-sròin aig cù an urrainn dhi fàileadh a thog fiù ‘s às dèidh dà fhichead uairean ‘s a h-ochd! Chan fheum iad fuil sam bith mar lorg, tha eagal air fiadh a’ atharrachadh fàilidh an fhallais gum bi a’ tighinn a-mach às an fhàireag-fhallais den chasan, eadar na h-òrdagan aca.

Bha ise a‘ fàs aosta ach bha e coltach ri bha i a bhith slàn gu leòr. Ach bha aillse a’ fàs oirre, anns an t-sròn aice. Bha fuil a’ tarraing às an t- sròn, uaireannan airson dà fhichead mionaidean a thìde. Tha còig mionaidean cunnartach. Chan eil leigheas ann chan eil ach “palliative” leigheasan. As dèidh trì mìosan thàinig vet a marbhadh... agus tha i na cadal a-riamh o chionn 1st den t-Og-mhios, 2006.

Bha ise ciùin agus àlainn. Bha ise coibhneil ach dìonach cuideachd. Fhuair mi i nuair a bha i sia seachdain a dh’aois. Bha i companach dhomh agus caraid do mo chloinn fad na h-ùine. Bidh mi ga h-ionndrainn.

Barailean: 3

Sgrìobh Blogger Bethany...

Abair cù àlainn, Eilidh. Beannachd leat, agus beannachd leatha cuideachd.

6:43 PM  
Sgrìobh Blogger mona...

Abair cù brèagha :-) A bheil i a' dèanamh snodha-gàire anns an dealbh?

4:38 AM  
Sgrìobh Blogger Helena Gowan...

Tha. B'urrain dhi dèanamh snodha-gàire. Bha an latha mhath air a son a rinn nas duilghe air mo shon ach 's dòcha gu robh nas fheàrr air a son. Thog mi an dealbh seo latha mu dheireadh aice.

7:43 AM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh