Tha mi air mo dhòigh...

Bhuannaich mi chiad blog. Cha robh mi riamh an seo... tha eagal orm a'postadh seo. Tha mi ag ionnsachachd Gàidhlig airson aon bliadhna aguas tha duil orm gum bi mi mòran mearachdan a'dheanamh. Bidh e ràsanach ga leughadh!

Barailean: 6

Sgrìobh Blogger Graisg...

Uill am bi Mgr Shields ag ionnsachadh Gàidhlig? Chòrd do phìos leis! :-)
‘Acne’ dè tha sin sa Ghàidhlig? ‘bach-lobhra’ a-rèir an stòr-dàta SMO ‘s ‘guireanach’ airson ‘spotty' a-rèir an fhaclair Mark.

Ach a dh’ aindeoin na h-amadan ud tha thusa ‘ air do dhòigh’ Eilidh agus feumaidh mi a ràdh gum bu chòir dhut a bhith ann an deagh shunnd - 's math a rinn thu. Sin thu fhèin Eilidh abair blog!

6:16 PM  
Sgrìobh Blogger Cadalach...

Math gad fhaicinn sa' chruinne-bhlogaichean Ghàidhlig.

An cuir thu spam gu Mgr Shields? Chunnaic mi am blog aige -- 's e bùrach a bh'ann 's tha mi a' smaoineachadh gur e gille-nan-car a th'annsan... chì sinn ma thilleas e! :-)

9:06 AM  
Sgrìobh Blogger Graisg...

‘S e làrach sgoinneil aige. Chuir mi £79.00 thuige sa mhadainn seo co-dhiù – bha mi dìreach glacte leis, ach ‘s e suainealachadh a th’ ann nach eil?. Tha colaiste aige cuideachd, abair duine a th’ ann! Cia mheud airgid airson ceum a dhèanamh?

5:17 PM  
Sgrìobh Blogger Cadalach...

O Ghraisg, nach robh spòrs gu leòr agad le cairtean air an lìon o chionn ghoirid? Bu chòir dhut a bhith faiceallach leis an airgead agad, a bhalaich!

Tha mi duilich, Eilidh, ach seo mar a tha e sa' chruinne-bhlogaichean... :-)

8:04 PM  
Sgrìobh Blogger Graisg...

Raibeart a ghràidh, am bu toil leat làrach sa Ghàidhlig? Bhiodh do shuainealachadh gu math feumail dhuinn airson Gàidhlig a brosnachadh?
Bu chòir dhut iarrtas a chur air bòrd na G gun dàil?

4:43 AM  
Sgrìobh Blogger tearlach61...

Is math d'faicinn le blog. Tha e inntinneach mar a tha ùidh aig Robert Sheilds ann na blogaichean sa Ghàidhlig.

11:05 AM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh