An-diugh

Tha e Didomhnaich leisg agus tha mi a smaoineachadh gum bu choir dhomh blog a sgriobhadh.
Tha mi ag iarradh ag innse unnam. Nuair bha mi òg, b’abhaist do mo phàrantan a gluasadh tric. Dh’fuirich sinn ann Sasann, ann Alba,na Stàitean, ach ann Ghearmailt am bu mhotha. Chaidh mo shinnsirean às a Ghearmailt, Alba, agus Fraing.
Tha ùidh mhòr agam ann an coin agus eich, cèol agus na h-ealain, eachdraidh agus saidheans, Alba agus a’ Ghaidhealtachd.
‘S toil leam a postadh air bùird mar Save Gaelic.

Barailean: 8

Sgrìobh Blogger Cadalach...

Feasgar math,

Tha mi a' cnuasachadh carson a tha na h-amadain seo a' cur spam air a' bhlog agad cho tric. Mar a chanas iad sa' Bheurla, "chan eil e mór 's chan eil e ealanta"...

6:00 PM  
Sgrìobh Blogger Helena Gowan...

cha chreid mi nach eil ceart ag abair: "Spammer, thalla gu taigh na galla"
GRRRRR. Tha mi a'deanamh spam-postadh dubh a-mach.

9:02 PM  
Sgrìobh Blogger Graisg...

Saoilidh mi gu bheil na creaturean bochda a’ cumail sùil air an duilleag ‘recently updated’! Mur a bheil ‘s tha ‘software’ aca, cha bhi e fada gus am bi a h-uile blog loma-làn den leithid chàc.

5:17 AM  
Sgrìobh Blogger Cadalach...

Am bi iad a' cur spam mar seo air na blogaichean agad, a Ghraisg? Gu fortanach chan eil mi a' faighinn dad sam bith. Eilidh bhochd :-(

6:59 AM  
Sgrìobh Blogger Graisg...

Chan fhaca mi dad fhathast :-)
Am biodh e gu mòran feum nan cuireadh Eilidh casaid gu blogspot? Saoilidh mi nach biodh; bhiodh iad comasach a thilleadh le ainm ‘s blog ùr sa bhad.

Am bu chòir sinn spam sa Gàidhlig a chur air na làraich aca?

9:30 AM  
Sgrìobh Blogger Flùr...

Abair blog brèagha agad. Tillidh mi gun teagamh!

Tha làrach agamsa cuideachd www.sgudal.com
Far a bheil mi a’ reic a h-uile seòrsa stuth grod ‘s ghabhas.
Ma bhios tu gòrach Cuir d’ airgead thugam gun dàil


(Gabh mo leisgeul Eilidh, tha mi tarraing às)

10:05 AM  
Sgrìobh Blogger Cadalach...

Cha bhiodh, a Ghraisg. Tha mi a' smaoineachadh nach bi ùidh aig na daoine aig Blogger. Saoilidh mi cuideachd nach bu chòir sinne spam a chur air blogaichean nan "luchd-spamaidh" (?!) -- cha bhiodh sinn a' cur dragh orra idir.

Eilidh, a bheil thu a' cur fios gu Weblogs mu dheidhinn teachdaireachdan ùra (ann an Settings>Publishing)? Tha mi a' smaoineachadh gum biodh cùisean na b'fheàrr mura biodh tu a' dèanamh sin. (Ach chan urrainn dhomh ràdh le cinnt.)

10:16 AM  
Sgrìobh Blogger Helena Gowan...

tha mi smaoineachadh gu bheil rudeigin cearr "Settings" agus dh'iomlaid mi iad sinsiud. Tha mi 'n dochas gu bheil problem solved!


Chan airgead agam!

11:48 AM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh