Cù mòr ‘s cù beag

Feumaidh mi innse dhuibh mu chon agam a-rithist. Fhuair mo nighean cuilean ùr. Ùr ‘s beag. Glè bheag. ‘S e “Miniature Doberman Pinscher” a th’ ann. Dè tha e? ‘S e seòrsa a’ chù às bige as urrainn dhut cleachdadh airson sealg. Dè seòrsa sealg? Sealg radain. Tha an cù gun eagal.

Nuair a chaidh e anns an taigh againn tha ceann a’ chù bheag air a bhith cho beag ri nimh-fhiacail a’ chù mhòr. ‘S e cù-chaorach Gearmailteach a th’ anns a’ chù mhòr agam.
A-nis tha e beag fhathast. ‘S toil leis am bràthair mòr a chluiche. Tha an cù gun eagal.

Bidh e fiaclan beaga a chur ann am bile a’ chù mhòr. Uaireannan bidh an cù mòr a’ nochd nan fiacaill aige. Òbh obh, bidh an cù beag a’ comhartaich mar sin cù mòr. Tha e na chù gun eagal.






Ach tha an cù mhòr air a bhith na chuilean cuideachd An seo agaibh an dealbh nuair a bha e deich seachdainean a dh' aois. Lorg sinn e mu choinneamh an taigh againn
Tha e dà bhliadhna a dh' aois a-nis. Tha 30kg a chudrom aige. Tha 1.5kg a chudrom aig a' chù bheag.
Caran diofar, nach eil?



‘S toil leam gach cù, cù mòr ‘s cù beag.