A’ Chuairt ghoirid

‘S àbhaist domh a bhith a’ siubhal gu tric agus fad air falbh. Bhithinn a dhol dhan àite chèin an siud agus bhithinn fuireach an sin latha neo dà no seachdain gu bhith. Cha do thachair sin an uair seo. Dh’fhalbh mi dachaidh an oidhche Chiadain seachdain sa chaidh agus ruigidh mi sa mhadainn Diardaoin. Chaidh mi a Frankfurt airson cho-labhairt mu chuspairean àrainneachd. Bha co-labhairt inntinneach agus feumail. Dh’fhàg mi e nas anmoiche an fheasgar a dhol a thadhail air mo mhàthair far a bheil i a’ fuireach ann an Coburg, Babharia. Dhràibh mi ceithir uairean gu leth oir bha cus trafaig agus grunn stopadh trafaig ann. O chionn greis bha e math is spòrsail a dhraibheadh air an “autobahn” ach chan eil an diugh. Bha an oidhche ann mu tràth nuair an do ràinig mi thall. An ath latha, bha Dihaoine ann mar tha. Thadhail mi air mo mhàthair ach nach urrainn dhi m’ aithneachadh. Bha bròn orm ach tha mi eòlach air a’ thinneas a bheil oirre. Bha mi ro sgìth air sgàth gum bithinn draibheadh air ais mar sin thoirt mi trèana. Bha mi air ais an Frankfurt oidhche Haoine. Dh’èirich mi tràth san ath mhadainn agus chaidh mi a dh’ Alba. Thug mi an trèana bho Ghlaschu gun a' Ghearasdan. Às dèidh ceithir uaireannan ràinig mi aig a' Ghearasdan far an do choinneach mi ris an caraid math dhomh. Bha an iongnadh orm gu robh an t-sìde brèagha ann. An dèidh thadhail sinn ri caraidean eile. Abair spòrs a bha againn! Uill, agus grunn deoch.
Gu mì-fhortanach b’ fheudar dhomh tilleadh a Ghlaschu an ath latha. Bha an t-uisge ann cuideachd ach chòrd latha rium glan co-dhiù. Ràinig mi ann a’ Ghlaschu an oidhche Doimhnich. ‘S a mhadainn Diluain fhuair mi air plèana eile a toir mi dhan Philadelphia agus an dèidh gu Corning, New York far a bhios an co-labhairt eile mu chuspair àrainneachd a’ tachairt. Fhuair mi a’ chnatan cuideachd agus tha mi a’ faireachdainn grod. Bidh mi a’ dol dachaidh an oidhche Chiadain a-rithist agus tha mi an dòchas gum bi mi a’ faireachdainn nas fheàrr.
Fon àm sin, bidh mi air a bhith dà latha anns a’ Ghearmailt, dà latha ann an Alba, agus dà latha ann an New York. ‘S e an àigh de shiubhail a th’ ann, nach e?

Cothrom agus dàn

An dèidh bha an cù agam air bàsachadh, bha mi a’ smaointinn gu robh mi a’ faighinn cù eile. A bheil fios agad, cha bhi mi a’ ceannach coin neo cait mar às àbhaist. Ruith gach cù agus cat thugam neo thoirt mi iad às a “humane society”
Bha mi coma dè tàrmaich bha iad ach cha bu beag orm ach beagan. Roimhe, cha bu toil leam “German Shepherd” a-riamh. A-nis bha m’ inntinn ag atharrachadh gum biodh cù German Shepherd feumail agus inntinneach, dh’fhaoidte.

Uill, Diodòmhnaich sa chaidh, bha cuideigin a’ comhartaich aig aon den chait. Dè? Bha an cuilean a-muigh a bha e coltach ri German Shepherd! Chur mi fònadh gu dìon beathaichean agus dh’ fhaighnich mi den nàbaidhean gu bheil fios agaibh mu chuilean, ach nach b’ aithne do dhuine air. Tha e mu cheithir mìosan a dh’ aois. Tha e laghach, spòrsail, agus dìleas... ‘s toil leam e mòr. Mura eil an cuilean le cuideigin bidh mi ga chumail. Chan eil mi a’ tuigsinn a-riamh carson agus ciamar daoine a bhith cho cruaidh agus crìon. Bidh còig mìle cait agus coin a’ mharbhadh anns an dìon beathaichean againn gach bliadhna. Bidh daoine de “Humane Society” a’ feuchainn dè an urrainn dhaibh ach cha shàbhail iad na h-uile beathaichean chaill.

Aig aon latha, fhuair mi feòrag a thuit e a-nuas craobh àrd. Cha b’ urrainn dha ruith neo sreap. Thog mi e suas agus chur mi e ann am bogsa breugan. Chan robh fios agam dè bha mi a’ dèanamh. An dèidh dh’amas mi air seòladh de dhuine am bidh iad a’ feuchainn beathaichean beaga fiadhaich a chuideachadh. Dh’fheuch iad ga shàbhaladh ach bhas e às dèidh dà latha.

Bha Didòmhnaich ann, bha dàn agus cothrom ann agus bha beatha sàbhailte agus fear chaill.